DiscoverÒran Ùr
Òran Ùr
Claim Ownership

Òran Ùr

Author: BBC Radio nan Gàidheal

Subscribed: 7Played: 80
Share

Description

Blas den fharsaingeachd de dh'òrain ùra a chaidh a sgrìobhadh bho thoiseach na linne. Composers of modern Gaelic songs discuss their inspirations and creative process.

33 Episodes
Reverse
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Alasdair MacIlleBhàin ag innse dhuinn mun òran aige Tuathal.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Dòl Eòin MacFhionghain ag innse dhuinn mun òran aige Co-thràth a chaidh a chlàradh leis a’ chòmhlan Tide Lines agus an seinneadair Raibert MacDhonnchaidh ga ghabhail.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Fiona J. NicChoinnich ag innse dhuinn mun òran aice Cìobair an Lasair a tha a’ dèanamh luaidh air Magda Sagarzazu a bha iomadh bliadhna na tasglannaiche aig Taigh Chanaigh; b’ i seo dreuchd anns an robh Fiona fhèin eadar 2015 agus 2023 agus i a’ coimhead as dèidh a’ chruinneachaidh fharsaing de dh’òrain is de bheul-aithris a chaidh a thional le Iain Lathurna Caimbeul agus Mairead Fay Sheathach.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Pàdruig Moireasdan à Uibhist a Tuath ag innse dhuinn mun fheallsanachd air cùl an òrain aige An t-Àite Dham Buin Sinn.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Robaidh Anndra Macleòid a tha na sheinneadair agus na bhàrd ag innse dhuinn mun òran dhrùidhteach aige, Cumha.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Evie Waddell a tha na seinneadair, dannsair agus neach-ciùil ag innse dhuinn mun òran aice Chan Eil. Bidh Evie a’ cleachdadh BSL agus dannsa anns na h-òrain aice agus tha Chan Eil a’ nochdadh air EP lèirsinneach a thug i a-mach bho chionn ghoirid.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Calum agus Ruairidh Dòmhnallach bhon chòmhlan Runrig a bhios ag innse dhuinn mun òran An Diugh Ghabh Mi Cuairt a nochd air a’ chlàr mu dheireadh a rinn iad, The Story.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo se Calum Alasdair Friseal à Leòdhas bhon chòmhlan Balach a tha ag innse dhuinn mun òran Air Do Shocair A Mhòrag, òran a tha a’ deiligeadh ri gnèitheachas agus droch-dhìol air-loidhne.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Màiri NicIllemhaoil à Uibhist a Deas ag innse dhuinn mun òran aice, Seud Luachmhor, òran a tha a’ brosnachadh nan Gàidheal gus luach a chur air a' Ghàidhlig agus a bhith ga cleachdadh cho tric 's is urrainn.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Iain “Costello” MacIomhair à Leòdhas ag innse dhuinn mun òran aige Beartas Ghuthan – òran a tha a’ dèanamh luaidh air eilean agus muinntir na Hearadh, àite a tha gu math faisg air a’ chridhe.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Màiri Anna NicUalraig ag innse dhuinn mun òran Mise Fhuair. Tha an t-òran seo stèidhichte air dàn a sgrìobh am bàrd cliùiteach, Aonghas MacNeacail, nach maireann agus anns a’ phrògram seo cluinnear beagan mun sgeulachd air a chùlaibh agus mun chom-pàirteachas chruthachail, torrach a dh’èirich às a’ chàirdeas eadar Màiri Anna agus Aonghas.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Calum Martainn à Leòdhas ag innse dhuinn mun òran aige Faisg air Glòir agus na cuimhneachan a tha e a’ dùsgadh dha.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Gillebrìde MacIllemhaoil à Uibhist a Deas ag innse dhuinn mun òran aige Meadhan Oidhche agus a’ mìneachadh a’ cheangail a th’aige ri fèis Ceòlas.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh a' bhana-bhàrd Thiristeach, Flòraidh NicPhàil agus a mac Aonghas MacPhàil bhon chòmhlan Skipinnish ag innse dhuinn mun òran chiùiteach aca, Maraiche nan Cuantan.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh a' bhana-sheinneadair agus cleasaichte Mairi Nicillemhoire ag innse dhuinn mun òran tàlaidh aice Leanabh an Òir.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo ‘s e an seinneadair Gillebrìde MacIllemhaoil a tha ag innse dhuinn mun òran aige Duan an Fhògarraich, òran a tha a’ brosnachadh tuigse agus co-fhaireachdainn do dhaoine a thàinig dhar dùthaich ‘s iad a’ sireadh tèarmann.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Marcas Mac an Tuairneir ag innse dhuinn mun òran aige Speactram a sgrìobh e mar fhreagairt do dh’ionnsaigh ghunna club-oidhche Pulse ann an Orlando ann an 2016 agus a tha a’ dèanamh luaidh air an 49 neach a chaill am beatha an oidhche ud.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Raonaid Walker ag innse dhuinn mun òran-gaoil dhrùidhteach aice, Gun Dòchas.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo 's e am bàrd Pàdraig MacAoidh à Leòdhas ach aig a bheil buntanas ris an Eilean Sgitheanach a tha a’ seanchas. Bidh esan ag innse dhuinn mun òran Drochaid a sgrìobh e còmhla ris a’ cheòladair Pedro Camshron a bhios a’ seinn fon ainm Man of the Minch.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Gillebrìde MacIlleMhaoil ag innse dhuinn mun òran aige Chì Mi Thu (Òran Eilidh) a’ tha a’ dèanamh luaidh air Eilidh NicLeòid, à Barraigh a chaidh a mharbhadh ann an ionnsaigh cheannairc Arena Mhanchester.
loading
Comments 
loading