Òran Ùr

<p>Blas den fharsaingeachd de dh'òrain ùra a chaidh a sgrìobhadh bho thoiseach na linne. Composers of modern Gaelic songs discuss their inspirations and creative process.</p>

41. Fuadaichean le Flòraidh NicPhàil agus Aonghas MacPhàil

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo, tha Aonghas MacPhàil agus Flòraidh NicPhàil ag innse dhuinn mun òran aca Fuadaichean – òran a bha na phàirt de dh’iomairt a ghlac aire an t-sluaigh. Chaidh an t-òran a chlàradh leis a’ chòmhlan Skipinnish agus ga sheinn tha Dòmhnall Francis MacNèill à Bhatarsaigh.

12-01
06:59

40. Màiri Bhàn le Calum agus Ruairidh Dòmhnallach

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo, tha Calum agus Ruairidh Dòmhnallach a’ bruidhinn air an òran Màiri Bhàn a tha a’ nochdadh air a’ chlàr aca The Band From Rockall.

11-24
05:37

39. Òran Greta le Gillebrìde MacIllemhaoil

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo, tha Gillebrìde MacIllemhaoil ag innse dhuinn mu Òran Greta a tha a' deiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde.

11-17
12:38

38. Tha Ar ’n Ainm Àrd Air Menin le Màiri NicAonghais

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo, bidh Màiri NicAonghais ag innse dhuinn mun òran Tha Ur ’n Ainm Àrd Air Menin anns a bheil i a’ meòrachadh air na daoine a thuit anns a’ chogadh mhòr.

11-10
11:19

37. Là Luain le Marcas Mac an Tuairneir agus Raonaid Walker

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo, bidh Marcas Mac an Tuairneir agus Raonaid Walker ag innse dhuinn mu Là Luain, òran gaoil a sgrìobh iad còmhla.

11-03
15:03

36. Eadar an Dà Bhràigh le Eòghann MacEunraig

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Eòghann MacEunraig ag innse dhuinn mun òran aige Eadar an Dà Bhràigh.

10-27
15:05

35. Ochd Latha le Calum Màrtainn

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo tha Calum Màrtainn ag innse dhuinn mun eachdraidh thiamhaidh a thug air an t-òran Ochd Latha a sgrìobhadh.

10-20
14:12

34. Caidir-ciùil le Màiri Anna NicUalraig agus Sìleas Nic na Ceàrdaich

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo tha Màiri Anna NicUalraig a’ meòrachadh air an òran Caidir-ciùil a sgrìobh i còmhla ri Sìleas Nic na Ceardaich; òran a tha a’ dèanamh luaidh air coimhearsnachd nan còisirean Gàidhlig agus an togail-inntinn a tha iad a’ toirt dhan fheadhainn a tha an sàs annta.

10-13
15:13

33. Òran Eliza le Eilidh NicChoinnich

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Eilidh NicChoinnich ag innse dhuinn mu Òran Eliza. Sgrìobh Eilidh an t-òran seo airson film goirid a rinn Fèisean nan Gàidheal mu bheatha Eliza Junor – nighean òg à Guidheàna sa Charribean a chaidh a thoirt le h-athair, aig an robh planntachaidhean, a dh’fhuireach anns an Eilean Dubh ann an 1816.

10-06
11:38

32. Tuathal le Alasdair MacIlleBhàin

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Alasdair MacIlleBhàin ag innse dhuinn mun òran aige Tuathal.

09-29
13:15

31. Co-thràth le Dòl Eòin MacFhionghain

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Dòl Eòin MacFhionghain ag innse dhuinn mun òran aige Co-thràth a chaidh a chlàradh leis a’ chòmhlan Tide Lines agus an seinneadair Raibert MacDhonnchaidh ga ghabhail.

09-22
19:01

30. Cìobair an Lasair le Fiona J. NicChoinnich

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Fiona J. NicChoinnich ag innse dhuinn mun òran aice Cìobair an Lasair a tha a’ dèanamh luaidh air Magda Sagarzazu a bha iomadh bliadhna na tasglannaiche aig Taigh Chanaigh; b’ i seo dreuchd anns an robh Fiona fhèin eadar 2015 agus 2023 agus i a’ coimhead as dèidh a’ chruinneachaidh fharsaing de dh’òrain is de bheul-aithris a chaidh a thional le Iain Lathurna Caimbeul agus Mairead Fay Sheathach.

09-15
11:08

29. An t-Àite Dham Buin Sinn le Pàdruig Moireasdan

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Pàdruig Moireasdan à Uibhist a Tuath ag innse dhuinn mun fheallsanachd air cùl an òrain aige An t-Àite Dham Buin Sinn.

09-08
15:32

28. Cumha le Robaidh Anndra Macleòid

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Robaidh Anndra Macleòid a tha na sheinneadair agus na bhàrd ag innse dhuinn mun òran dhrùidhteach aige, Cumha.

09-01
11:00

27. Chan Eil le Evie Waddell

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Evie Waddell a tha na seinneadair, dannsair agus neach-ciùil ag innse dhuinn mun òran aice Chan Eil. Bidh Evie a’ cleachdadh BSL agus dannsa anns na h-òrain aice agus tha Chan Eil a’ nochdadh air EP lèirsinneach a thug i a-mach bho chionn ghoirid.

08-25
07:28

26. An Diugh Ghabh Mi Cuairt le Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Calum agus Ruairidh Dòmhnallach bhon chòmhlan Runrig a bhios ag innse dhuinn mun òran An Diugh Ghabh Mi Cuairt a nochd air a’ chlàr mu dheireadh a rinn iad, The Story.

08-18
05:02

25. Air Do Shocair A Mhòrag le Calum Alasdair Friseal

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo se Calum Alasdair Friseal à Leòdhas bhon chòmhlan Balach a tha ag innse dhuinn mun òran Air Do Shocair A Mhòrag, òran a tha a’ deiligeadh ri gnèitheachas agus droch-dhìol air-loidhne.

08-11
11:48

24. Seud Luachmhor le Màiri NicIllemhaoil

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Màiri NicIllemhaoil à Uibhist a Deas ag innse dhuinn mun òran aice, Seud Luachmhor, òran a tha a’ brosnachadh nan Gàidheal gus luach a chur air a' Ghàidhlig agus a bhith ga cleachdadh cho tric 's is urrainn.

08-04
06:02

23. Beartas Ghuthan le Iain MacIomhair

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Iain “Costello” MacIomhair à Leòdhas ag innse dhuinn mun òran aige Beartas Ghuthan – òran a tha a’ dèanamh luaidh air eilean agus muinntir na Hearadh, àite a tha gu math faisg air a’ chridhe.

07-28
12:17

22. Mise Fhuair le Màiri Anna NicUalraig agus Aonghas MacNeacail

Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Màiri Anna NicUalraig ag innse dhuinn mun òran Mise Fhuair. Tha an t-òran seo stèidhichte air dàn a sgrìobh am bàrd cliùiteach, Aonghas MacNeacail, nach maireann agus anns a’ phrògram seo cluinnear beagan mun sgeulachd air a chùlaibh agus mun chom-pàirteachas chruthachail, torrach a dh’èirich às a’ chàirdeas eadar Màiri Anna agus Aonghas.

07-21
09:16

Recommend Channels