Discover
Oideas

Oideas
Author: Gwen MacQuarrie
Subscribed: 3Played: 15Subscribe
Share
© 2021 Sabhal Mòr Ostaig
Description
Fàilte gu Oideas - sreath de dh’agallamhan mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus Sreath 4 beò. Anns gach pod-chraolaidh bidh Gwen NicGuaire a bruidhinn ri sàr-eolaichean foghlaim mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr.
Welcome to Oideas! Series 4 is live! Oideas is a podcast about Gaelic medium education. In each programme Gwen MacQuarrie talks to secondary or primary school experts about the role, challenges and best solutions in Gaelic education.
Welcome to Oideas! Series 4 is live! Oideas is a podcast about Gaelic medium education. In each programme Gwen MacQuarrie talks to secondary or primary school experts about the role, challenges and best solutions in Gaelic education.
24 Episodes
Reverse
An turas seo tha Gwen a’ còmhradh ri Aonghas Iain Dòmhnallach mu na làithean sgoile aige, an t-àm aige a' teagasg, agus an obair mhòr a rinn e aig Stòrlann.
'S ann a Uibhist a Tuath a tha Aonghas Iain ach chur e seachad a mhòr chuid de bheatha obrach a’ teagasg aig Àrd-sgoil Phort Rìgh.
Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh am maoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo:
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube.
https://www.youtube.com/@OideasPod
Fàilte gu Oideas Sreath 4, prògram 2. ‘S a phrògram seo tha Catriona Nic a’ Phì, tidsear Gàidhlig agus cruinn-eòlas ann an Inbhir Nis.
B i Catriona tè dhe na thidsearan àrd-sgoil aig Gwen. Ann an còmhradh blàth, tha iad a’ coimhead air ais ar na laithean sin, a’ còmhradh mun t-slighe aig Catriona le Gàidhlig agus teagasg, agus a’ bruidhinn mu na dòighean as fheàrr cuspair a chumail ri clas nuair nach eil a’ chainnt aca gu nàdarra.
Chaidh seo a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh a mhaoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd.
Tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo:
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube.
https://www.youtube.com/@OideasPod
Comann Luchd-teagaisg na h-àrd-sgoil https://clasalba.org/
Failte air ais gu Oideas. Seo a’ chiad phrògram le Donalda McComb, seann cheannard Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
Tha i fhèin agus Gwen a’ còmhradh mu a slighe ann am foghlam, an t-àm aice mar cheannard agus na dùbhlain a tha nochdadh nuair nach eil Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid de phàrantan. Abair diofar a tha i air a dhèanamh agus abair còmhradh inntinneach.
Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh am maoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo:
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube.
https://www.youtube.com/@OideasPod
Fàilte air ais gu Oideas. Tha sreath 4 cha mhòr oirnn. An turas seo, tha sinn air a bhith bruidhinn ri seòid - daoine a tha air a bhith sàs le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig bhon fhìor thoiseach.
Bidh a’ chiad phrògram a-mach Diciadain 3 Sultain le Donalda McComb.
Agus an turas seo, tha na programan air fad ri fhaotainn air YouTube. Sgrùd airson Oideas agus lean sinn an sin.
An aon tidsear a bhith agad fad seachd bliadhna sgoile. Ciamar a tha sin dha na sgoilearan, agus ciamar a tha e dhan tidsear? Sin an dearbh shuidheachadh a tha aig Wilma NicUalraig is i leatha fhèin a' teagasg Gàidhlig ann am bun-sgoil ann am Farfar. Tha i a’ còmhradh le Gwen mu dheidhinn sin, a slighe fhèin gu teagasg, mu bhith cleachdadh seann òrain sa chlas, mu bhith cruthachadh stòras de ghoireasan, agus mu phròis ‘sa Ghàidhlig.
Tha an leabhar air Frances Tolmie a tha Wilma agus Gwen a’ bruidhinn mu dheidhinn ri fhaotainn an seo:
https://acairbooks.com/product/books/gun-sireadh-gun-iarraidh-the-tolmie-collection-paperback/
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media: https://www.telt.media/
Seo am prògram mu dheireadh de Shreath 3. Taing mhòr ‘son a bhith ag èisteachd, leigibh fhaicinn ur beachdan!
Thòisich Lesley Hayes a slighe le Gàidhlig nuair a bha i fhèin na pàrant. Ghluais i an teaghlach air fad dhan Eilean Sgitheanach gus fileantas a’ righinn aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha i niste na Prìomh Thidsear ann an sgoil ann am Baile Dhubhtaich a’ teagasg sa chànan.
Tha i fhèin is Gwen a bruidhinn mun slighe sin. Mu mar a chaidh Lesley an aghaidh moladh na Comhairle ‘son a’ bhliadhna probhaidh aice, agus na dòighean iogantach a dh’ionnsaich i airson sgoilearan a’ chuideachadh le matamataig.
Chaidh am prògram a chlàradh a ghearradh le Iain MacDiarmaid aig Telt Media:
www.telt.media
Agus tha tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam Gàidhlig agus na slighean teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig ri fhaotainn an seo:
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Bho bhith teagasg sa bhun-sgoil ann an Ulapul, gu bhith sgrìobhadh bàrdachd, gu bhith dèanamh PhD air luchd-obrach nan tràth ìrean - tha an t-uamhas aig Lisa NicDhòmhnaill ri bruidhinn mu dheidhinn sa phrògram sa.
Tha i fhèin is Gwen NicGuaire cuideachd a còmhradh mu a slighe ann an teagasg, an obair a tha i dèanamh stiùireadh chùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, agus an dleastanas a tha air tidsear a bhith nan tosgairean fad an t-siubhail. Abair prògram!
Tha an leabhar bàrdachd aig Lisa ri fhaighinn an seo:
https://nwhgeopark.com/product/mnathan-na-coigach-the-women-of-coigach/
Seo Eilidh, a tha i bruidhinn mu dheidhinn sa phrògram:
https://www.scottishpoetrylibrary.org.uk/poem/eilidh/
Chaidh am prògram a chlàradh a ghearradh le Iain MacDiarmaid aig Telt Media:
www.telt.media
Agus tha tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam Gàidhlig agus na slighean teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig ri fhaotainn an seo:
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
A bheil cothroman gu leòr ann do shlighe a dhèanamh gu bhith nad cheannard san àrd-sgoil, agus a bheil e nas duilghe nuair a tha thu ag obair ann Gàidhlig ann an sgìrean dùthchail? Tha sin am measg na tha Lauren Mhoireasdan, ceannard ùr Àrd-sgoil Cheann Loch Lìobhann, a' bruidhinn ri Gwen mu dheidhinn. Tha iad cuideachd a' cabadaich mu mar a dh' ionnsaich Lauren a' Ghàidhlig, agus mu cho sònraichte is sgapte sa tha sgìre sgoile an Òbain.
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media
www.telt.media
https://www.kinlochlevencampus.co.uk
https://www.obanhigh.argyll-bute.sch.uk
https://www.smo.uhi.ac.uk/cursaichean-canain/
Chuir Anne Mhàrtainn seachad iomadh bliadhna cuideachadh clann le feumalachdan a bharrachd, agus tha an còmhradh seo leatha làn eòlais, gliocas agus lèirsinn. Dè an diofar a
th' ann eadar foghlam Gàidhlig is Beurla? Ciamar a nì thu deuchainn dyslexia nuair a tha pàiste fhathast a togail bunaitean na Gàidhlig? Tha i stiùireadh Gwen tron phròiseas, a
thuilleadh air a bhith còmhradh mun obair aice a niste a' teagasg an fheadhainn as òige sa sgoil.
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig:
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media:
https://www.telt.media
Tuilleadh fiosrachadh mu dyslexia: https://dyslexiascotland.org.uk/online-learning/
Fàilte air ais gu Oideas airson sreath 3. Sa phrògram seo, tha mi fhèin, Gwen NicGuaire timcheall bùird le mo cho-obraichean ann am Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig.
Bidh mise agus Shona NicCarmaig, Katie Wight agus Lynsey NicFhionnlaigh a’ freagairt na ceistean agaibhse - dè an t-amas a tha aig Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig? Carson a tha sinn teagasg nan tidsearan? No, dè thug tlachd dhuinn sa chlas?
Tha an eapasòd seo cuideachd ri fhaotainn air bhideo air Spotify agus aig YouTube.
https://youtube.com/@OideasPod?feature=shared
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn cùrsaichean teagasg aig Sabhal Mòr Ostaig thèid:
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Tha fhathast tìde gu leòr agaibh àite fhaighinn air na cùrsaichean againn 'son 2024/25!
Tha sreath ùr Oideas an ìmpis tòiseachadh. Sreath ùr, le prògram bhideo sònraichte. Bidh sinne a tha teagasg nan tidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig a' bruidhinn ri chèile agus a’ freagairt na ceistean agaibhse.
Sin Oideas Sreath 3, Diardaoin 28 Màrt. Agus son a’ chiad uair, cuideachd ri fhaotainn air YouTube aig Oideaspod.
Nota - tha sinn trang ag obair air prògram bhideo son Diardaoin an 28mh Mhàirt 2024, ach, chan eil bhideo air nochdadh air Spotify neo Google gu ruige seo. Seo fear fuaim a-mhàin mar dheuchainn is sinn a' strì an toirt thugaibh air gach inneal.
Leig sibh fios thugainn air oideaspod@gmail.com ma mhothaicheas sibh gum faic agus gun cluinn sibh e.
has context menu
Tha sreath ùr Oideas an ìmpis tòiseachadh. Sreath ùr, le prògram bhideo sònraichte. Bidh sinne a tha teagasg nan tidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig a' bruidhinn ri chèile agus a’ freagairt na ceistean agaibhse.
Sin Oideas sreath 3, Diardaoin 28 Màrt. Agus son a’ chiad uair, cuideachd ri fhaotainn air YouTube aig Oideaspod.
Ciamar a tha e a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig gu sònraichte son dreuchd teagaisg sa chànan? Sin a rinn Yvonne Girvan. Sa phrògram seo, tha i fhèin is Gwen a' bruidhinn mun leasachadh proifeiseanta a tha i air a dhèanamh gus, am measg eile, fileantas a ruighinn. Tha iad cuideachd a' bruidhinn mu na h-iomairtean a rinn i gus cothroman cànain a' tabhainn dha na sgoilearan tron ghlasadh, mar a tha i a' neartachadh sgiobachd le a co-obraichean, agus na h-innleachdan a bhios i a' cleachdadh gus sgilean sgrìobhaidh a leasachadh sa chlas.
What is it like to learn Gaelic to enable you to teach in the language? That’s what Yvonne Girvan has done! In this programme, Yvonne and Gwen talk about professional learning and development and what she has undertaken including reaching Gaelic fluency. They also discuss a variety of initiatives she has been involved with to create language learning opportunities during lockdown and many others!
Talk4Writing le Pie Corbett https://www.talk4writing.com/
Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Telt Media https://telt.media/
Ciamar a tha thu ath-bheothachadh coimhearsnachd a tha air misneachd a chall? Ciamar a tha iomairtean anns agus às a chlas a chur ri àrainneachd agus cliù a Ghàidhlig san sgoil? Cluinnidh sibh mu dheidhinn seo agus tòrr a bharrachd sa phrògram seo sa chòmhradh eadar Gwen agus Eòghan Stiùbhairt.
How do you reinvigorate communities of Gaelic speakers who have lost confidence? How do enterprises in and out of the class add to the Gaelic ethos in the school? You’ll hear about this and lots more in the programme, Gwen talks with Eoghan Stewart.
Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Telt Media https://telt.media/
Ciamar a tha thu a ruith bun-sgoil shoirbheachail ann sgìre far nach eil mòran Gàidhlig? Dè na dùbhlain a th'ann? A bheil dòighean an cànan a neartachadh is na sgoilearan a bhrosnachadh? Sin am measg na cuspairean a tha sa phrògram seo is Gwen a' còmhradh le Marina NicLeòid, iar-cheannard Bhun-sgoil Chon-Dobharait ann Siorrachd Lannraig a Tuath.
How can you ensure success in a Gaelic unit in an English primary school in an urban setting? What are the challenges? Are there ways in which you can strengthen Gaelic and encourage students? Gwen discusses many subjects in this programme speaking with Marina MacLeod, depute head of Condorrat Primary School in North Lanarkshire.
Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Telt Media https://telt.media/
https://education.gov.scot/education-scotland/what-we-do/inspection-and-review/chief-inspector-report/national-thematic-inspections/local-approaches-to-recovery-a-thematic-review/
Ciamar as urrainn dhuinn foghlam Gàidhlig a leudachadh le gainnead thidsearan na chnap-starra? Tha e-Sgoil air tòrr a dhèanamh gus am beàrn sin a lìonadh, ach an gabh cuspairean leithid saidheans is ealain a theagasg thar an eadar-lìon? Gabhaidh, a rèir ceannard na sgoile, Aonghas MacIllinnein. Ann an còmhradh farsaing mu fheallsanachd fhoghlaim agus Gàidhlig, tha Aonghas togail air na bunaitean a tha air cùl e-Sgoil – nam measg, neartachadh coimhearsnachdan na Gàidhlig, cruthachadh luchd-labhairt ùr, agus cumail chosnaidhean ri daoine ann an sgìrean dùthchail.
How can we extend Gaelic education with a lack of teachers? E-Sgoil could be a partial solution to this problem, but what about subjects like science and art online, how feasible is that? The outgoing headteacher Angus MacLennan and Gwen have an interesting conversation about the philosophy of Gaelic and education as well as the principles behind e-Sgoil including strengthening Gaelic communities and new generations of Gaelic speakers.
Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Telt Media https://telt.media/
E-sgoil https://www.e-sgoil.com/
Anns a chiad prògram de Sreath 2 tha Gwen a' bruidhinn le Lynsey NicFhionnlaigh, a tha na neach-teagaisg ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach. Nochdaidh tòrr chuspairean sa chòmhradh aca, nam measg a’ fàs ann am misneachd, dùbhlain obrach agus na cothroman ionnsachaidh a tha nochdadh bhuapa.
In the first programme of Series 2, Gwen MacQuarrie speaks with Lynsey Finlayson who teaches in Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh on the Isle of Skye. Lots of interesting and challenging topics are discussed including acknowledging success and the professional learning opportunities that can come from challenging situations.
Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Telt Media
https://telt.media/
Sonas Design
https://www.sonadesign.co.uk/
Seo agaibh blasad de Sreath 2 de dh’ Oideas, agallamhan mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Anns gach pod-chraoladh, bidh Gwen NicGuaire a’ bruidhinn ri sàr-eòlaichean mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr.
Bho a bhith a' cur Gàidhlig air leabhraichean sgoile an oidhche ro làimh sna h-ochdadan, gu bhith na ciad cheannard aig sgoil Ghàidhlig ùr fa leth sna h-Eileanan, tha an t-uamhas eòlas aig Flòraidh Guidi. An t-seachdain seo, tha i an cuideachd Gwen, 'son am prògram mu dheireadh san t-sreath.
Tha iad a’ bruidhinn air mar a bha e coltach sna ciad làithean sin - gun ghoireasan no eòlas air an dòigh as fheàrr foghlam Gàidhlig a lìbhrigeadh. Chuir Flòraidh feum air taic na coimhearsnachd is tidsearan eile.
Leis gun robh Flòraidh ann an aonad Gàidhlig ann an sgoil Bheurla cheana is i a nise os cionn sgoil Ghàidhlig, tha i toirt a beachd air mar a tha gach suidheachadh eadar-dhealaichte agus cho cudromach sa tha e a bhidh dèanamh cinnteach gu bheil àite aig a Ghàidhlig ann an àrainneachd Bheurla.
Tha i cuideachd ag innse do Gwen mu cheannardas agus na dòighean as fheàrr luach fhaighinn bhon sgioba gu lèir. Tha beagan ann mu buannachdan a’ chùrsa Streap, agus mun dragh a th' air gu leòr thidsearan mu dhi-mhisneachd nan comasan cànain fhèin. Agus, a thaobh sgoilearan, dè tha a dhìth airson farsaingeachd de chainnt a bhrosnachadh.
Ach a bharrachd na càil eile, ge-tà, tha i misneachail mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a Ghàidhlig fhèin. Deagh dhòigh crìoch a chuir air an t-sreath.
Tha sinn an dràsta a’ tional bheachdan 'son sreath a' dhà. Ma tha smuain sam bith agaibh air dè chòrd ribh is dè nach do chòrd san t-sreath seo, dè eile dh' iarradh sibh cluinntinn no cò bhiodh math mar aoigh, cuir fios thugainn air na meadhanan sòisealta, no air oideaspod@gmail.com, bhiodh e cianail fhèin math cluinntinn bhuaibh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun phod-chraoladh agus na daoine a tha sàs ann, seo na ceanglaichean:
Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta: Cùrsa Ciùil
https://www.smo.uhi.ac.uk/course/ba-urram-gaidhlig-is-ceol-traidiseanta/
Telt Media
https://telt.media/
Sonas Design
https://www.sonadesign.co.uk/
Teicneòlas agus teagasg: ciamar as urrainn dhuinn a' chur gu feum son maith sgoilearan, pàrantan agus tidsearan? Dè na goireasan a ghabhas a chleachdadh son sgoilearan oideachadh ann dòigh nas fheàrr, an ullachadh son linn ùr didseatach, agus son ùine a' shàbhaladh sa chlas?
An t-seachdain seo tha Gwen a’ bruidhinn ri Dougie Beck, Prìomh Thidsear le uallach son stuthan didseatach ann am Bun-sgoil Mhalaig. Tha Dougie mion-eòlach air a' chuspair.
Am measg na molaidhean aige tha:
Google Classroom
https://classroom.google.com/u/0/h
Screencastify
https://www.screencastify.com/
Classdojo
https://www.classdojo.com/en-gb/?redirect=true
Book Creator
https://bookcreator.com/
Adobe Spark
https://www.adobe.com/express/
Soundtrap
https://www.soundtrap.com/edu/
Blair Minchin
https://twitter.com/Mr_Minchin
Agus 'son tuilleadh fiosrachaidh mun phod-chraoladh agus na daoine a tha sàs ann, seo ceanglaichean eile:
Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta: Cùrsa Ciùil
https://www.smo.uhi.ac.uk/course/ba-urram-gaidhlig-is-ceol-traidiseanta/
Telt Media
https://telt.media/
Sonas Design
https://www.sonadesign.co.uk/