Taghta

<p>Sreath de phodcastan bho sgioba nan naidheachdan a’ toirt sgrìob tro na cuspairean as cudromaiche ‘sna naidheachdan an diugh.</p><p>A series of podcasts from BBC Naidheachdan, looking at the most important topics in the news today.</p>

Humza Yousaf air a dhreuchd fhàgail

Tha Anndra MacFhionghain a' toirt sùil air mar a tha Humza Yousaf air a dhreuchd mar Phrìomh Mhinistear fhàgail

04-30
25:03

Obair-lannsa mesh: Turas fada gu faochadh

Tha Taghta a' cluinntinn bho Chathleen NicLeòid a tha an-dràsta anns na Stàitean Aonaichte airson obair-lannsa a bheir aiste mesh, is i ag innse mar a thug an suidheachadh cruth-atharrachadh air a beatha.

04-02
09:20

Tidsearan Gàidhlig: Dùbhlain agus dòchas

Còmhradh leis an Oll Boyd Robasdan is figearan ùra air sealltainn nach robh àrdachadh idir san àireimh de thidsearan am FtMG sna bun-sgoiltean an-uiridh.

03-29
13:31

Sgainneal IT Horizon: Sgeulachd Anne Quarm

Tha Shona NicDhòmhnaill a' cluinntinn sgeulachd chumhachdach Anne, banntrach Bill Quarm, a chaidh a dhìteadh gu ceàrr an lùib sgainneal IT Horizon.

01-12
22:47

Ruaraidh MacThòmais

Agallamh leis an Dtr Petra Johana Poncarová, ùghdar a' chiad làn-leabhar rannsachaidh mu dheidhinn Ruaraidh MacThòmais: 'Derick Thomson and the Gaelic Revival'.

01-12
08:45

100 bliadhna de chraoladh Ghàidhlig

Taghta a' comharrachadh 100 bliadhna bho chaidh a' chiad phrògram Gàidhlig a chraoladh.

12-05
26:18

Mòdcast: Pàislig

Leis a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail air ais am Pàislig am-bliadhna, tha am Mòdcast againn air a bhith a' coimhead ri eachdraidh a' bhaile ann am beagan a bharrachd doimhneachd.

10-27
27:55

Mòdcast: Na buinn òir

Bha am Mòd ann am Pàislig aon turas ron seo, air ais ann an 2013. Tha am Mòdcast air a bhith a' bruidhinn ris an fheadhainn a bhuannaich na buinn òir bho chionn deich bliadhna.

10-19
17:19

Mòdcast 2023: Am Mòd air ais am Pàislig

Dòmhnall Moireasdan a' còmhradh ri ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Magaidh Choineagan, is am Mòd air ais am Pàislig.

10-13
08:42

Sabhal Mòr Ostaig agus Slèite

Tha Seumas Dòmhnallach a' bruidhinn ri Donaidh MacFhionghain, Iain Tormod MacLeòid, agus Nicola NicThòmais mun bhuaidh a th' air a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig air Slèite

09-29
23:39

Stiùbhart MacRath Chonchra

Còmhradh mu Stiùbhart MacRath Chonchra, ceann-cinnidh Gàidhealach a chluich ball-coise do Shasainn is an eachdraidh teaghlaich a dh'fhàg gun do thachair sin.

09-22
16:16

Turas Johnson agus Boswell air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan

Còmhradh leis an Dtr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart mu thuras Samuel Johnson is Seumas Boswell timcheall na Gàidhealtachd 's nan Eilean bho chionn 250 bliadhna.

08-28
19:35

Stèidheachadh GMA

Tha fiosrachadh a chaidh a lorg às ùr ag innse gu bheil cluba iomain Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal nas sine na bha iad fhèin a' smaointinn. Tha Taghta a' bruidhinn ri ceann-suidhe a' chluba, Aonghas MacAonghais.

06-30
11:05

Eilthireachd: SS Metagama

100 bliadhna bho sheòl an SS Metagama à Steòrnabhagh, tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris air buaidh na h-eilthireachd.

05-02
30:39

Eilthireachd: SS Marloch

100 bliadhna bho sheòl an SS Marloch à Loch Baghasdail, tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris air buaidh na h-eilthireachd.

05-02
23:04

MND

Gheibh mu 200 duine ann an Alba dearbhadh gach bliadhna gu bheil iad a' fulang le tinneas Motor Neurone no MND. Tha Shona NicDhòmhnaill air a bhith a' còmhradh ri Chrissie Laing ann an Uibhist a thaobh mar a tha ise a' dèiligeadh leis an tinneas.

04-03
16:07

Reactaran Sgoil MhicNeacail

Le Sgoil MhicNeacail a' comharrachadh gu bheil i 150 bliadhna a dh'aois, tha Dòmhnall Moireasdan air a bhith a' còmhradh ri Niall Bartlett mu chuid de reactaran ainmeil na sgoile.

03-17
16:42

Dìleab Shobhietach Estòinia

Annabel Nic ‘Illinnein a' bruidhinn ri Anndra MacFhionghain a tha air a bhith ann an Estòinia airson Eòrpa is e a' coimhead ri mar a tha an Ruis is dìleab linn nan comannach fhathast a' toirt buaidh air an dùthaich.

03-16
15:07

Sequamur: Stèidheachadh Sgoil MhicNeacail

150 bliadhna bho dh'fhosgail Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, tha Ruairidh MacÌomhair a' toirt sùil air sgeulachd nam bràithrean a stèidhich an sgoil.

03-15
27:51

Luchd-imrich Albàinia

Annabel Nic ‘Illinnein a' còmhradh ri Andreas Wolff mu phrògram a rinn e airson Eòrpa mu Albàinianaich a tha air feuchainn ri slighe a dhèanamh a Bhreatainn gu mì-laghail air bàtaichean beaga.

03-09
16:01

Recommend Channels